FROM INVERASDALE TO POOLEWE - HECTOR MACKENZIE'S SONGS
Inbhir Àsdal Taobh Loch Iù
Ian Cameron, Inverasdale
Seist
Inbhir Àsdal Taobh Loch Iù,
Inbhir Àsdal bòidheach ciùin,
Inbhir Àsdal Taobh Loch Iù,
Gunna thaitneach leam bhith fuireach ann.
Am Baile Meadhan is am Blar
Na Bruthaichean is Gleann an aigh.
On Eirtheire gu ruig thu Nast,
Tha caridean baidheail lurach ann.
Seist
Inbhir Àsdal Taobh Loch Iù,
Inbhir Àsdal bòidheach ciùin,
Inbhir Àsdal Taobh Loch Iù,
Gunna thaitneach leam bhith fuireach ann.
Chan eil cearnag anns an sgir
Far am b’fheàrr leam fhin a bhith,
Nuair a bhios mi acrach sgith
Cha bhi dith bidh no h-uireasbhaidh.
Seist
Inbhir Àsdal Taobh Loch Iù,
Inbhir Àsdal bòidheach ciùin,
Inbhir Àsdal Taobh Loch Iù,
Gunna thaitneach leam bhith fuireach ann.
‘S miann leam bhith a’ gabhail cuairt
Ri tapbh na mara anns na bruaich,
Ceòl na mara nam chluais,
Is àille chuain gam chuireadh ann.
Seist
Inbhir Àsdal Taobh Loch Iù,
Inbhir Àsdal bòidheach ciùin,
Inbhir Àsdal Taobh Loch Iù,
Gunna thaitneach leam bhith fuireach ann.
Memories
Songs celebrating history, people, and places of Wester Ross.
© 2025. All rights reserved.